Lyrics Julie Fowlis – Biodh An Deoch Seo ‘n Laimh Mo Ruin
Text:
Òladh neo na òladh càch i
Biodh i làn aig ceann a’ bhùird
Biodh an deoch seo ‘n làimh mo rùin
Deoch slàinte le fear an tùir
Chunnacas bàt’ air an fhairge
‘S an làimh dhearg air an stiùir
Biodh an deoch seo ‘n làimh mo rùin
Deoch slàinte le fear an tùir
Biodh an deoch seo ‘n làimh mo rùin
Chunnaic mi dol seach’ an caol i
‘S badan fraoich ‘s an t-slait shiùil
Biodh an deoch seo ‘n làimh mo rùin
Deoch slàinte le fear an tùir
Biodh an deoch seo ‘n làimh mo rùin
Fhir a chunnaic air an t-sàil i
Beannaich an long bhàn ‘s a criùdh’
Biodh an deoch seo ‘n làimh mo rùin
Deoch slàinte le fear an tùir
Biodh an deoch seo ‘n làimh mo rùin
Beannaich a cruinn àrd ‘s a h-acfhuinn
A cuid acraichean ‘s a siùil
Biodh an deoch seo ‘n làimh mo rùin
Deoch slàinte le fear an tùir
Biodh an deoch seo ‘n làimh mo rùin
Ged a tha mi ‘n seo an Colla
B’ e mo thoil a dhol a Rùm
Biodh an deoch seo ‘n làimh mo rùin
Deoch slàinte le fear an tùir
Biodh an deoch seo ‘n làimh mo rùin
Agus as a sin a dh’ Uibhist
Nan d’ fhuair mi mo ghuidhe leam
Biodh an deoch seo ‘n làimh mo rùin
Deoch slàinte le fear an tùir
Biodh an deoch seo ‘n làimh mo rùin