Lyrics Julie Fowlis – Dh’èirich Mi Moch, B’ Fheàrr Nach Do Dh’èirich
Text:
Dh’èirich mi moch
Dh’èirich mi moch
B’fheàrr nach d’ dh’èirich
Mo chreach lèir na chuir a-mach mi
Hill ò bha hò
Bha ceò sa bheinn
Bha ceò sa bheinn
Is uisge frasach
‘S thachair orms’ a’ ghruagach thlachdmhor
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò
Bheir mi dhut fìon
Bheir mi dhut fìon
‘S gach nì a b’ ait leat
Ach nach èirinn leat sa mhadainn
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò
‘Nighean nan gamhna
‘Nighean nan gamhna
Bha mi ma’ riut
Anns a’ chrò is càch nan cadal
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò
An daoidh gheal donn
An daoidh gheal donn
Rug i mac dhomh
Ged is fuar a rinn i altram
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò
Bha laogh mo laoidh
Bha laogh mo laoidh
Ri taobh cnocan
Gun teine, gun sgàth, gun fhasgadh
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò
A Mhòr a ghaoil
A Mhòr, a ghaoil
Till ri d’ mhacan
‘S bheir mi goidean breagha breac dhut
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò