Lyrics Runrig – An–Diugh Ghabh Mi Cuairt
Text:
An-diugh ghabh mi cuairt
Ri taobh nam beanntan àrd’
Tro na raointean ùr’
Le lus a bhith a’ fàs
Abair adhbhar ‘bhith giùlain
Buidheachas is gràdh
An tìodhlac brèagha
Os cionn gach àite
Cò mhìneachas àill
No an gaol dìomhar buan
Cò thuigeas neart na gaoithe
Nuair a thilleas madainn chiùin
Abair aobhar ‘son taingealachd
Ùmhlachd ‘s àgh
Fhad ‘s tha ‘n cùbhraidheachd beò
Gach plathadh, gach là’
Fon a’ ghrian ri teachd
‘S a’ ghrian a dh’fhalbh
Còmhla sa bhlàths
Gu deireadh là’