GLyr

Julie Fowlis – Ged A Sheol Mi Air M’ Aineol

Исполнители: Julie Fowlis
Альбомы: Julie Fowlis – Julie Fowlis - Mar A Tha Mo Chridhe
обложка песни

Текст Julie Fowlis – Ged A Sheol Mi Air M’ Aineol

Текст:

Ged a sheòl mi air m’ aineol
Cha laigh smalan air mi’ inntinn
Ged a sheòl mi air m’ aineol

‘S ann à Boston a sheòl sinn

Dol air bhoidse chun na h-Ìnnsinn

Rinn sinn còrdadh ri captain
Air a’ bhàrc a bha rìomhach

Trì latha roimh na Nollaig
Thàinig oirnn an droch shìde

Shèid i cruaidh oirnn le frasan
‘S clachan mheallain a bha millteach

Cha robh ròpa ‘s cha robh òirleach
Nuair a reoth ann nach robh trì ann

Chaill sinn craiceann ar làmhan
Bha ar gàirdeanan sgìth dheth

Cha còignear nan seasamh
‘S bha seachdnar nan sìneadh

Trì latha is trì oidhche
‘S mi ri chuibhle ri droch shìde

Nuair a labhair an captain
«Illean tapaidh na dìobraibh

Nuair a ruigeas sibh cala
Bidh ur drama dhuibh cinnteach»

Tha lionn-diubh aig mo mhàthair
Is dùil aic’ nach till mi

Альбом

Julie Fowlis – Julie Fowlis - Mar A Tha Mo Chridhe