Текст Runrig – Pòg Aon Oidhche Earraich
Текст:
An saoghal, sia uairean
Obair la ri cul
Teaghlach gabhal dhan a’mheas
Pailteas, slainte, is gaol
An Ear Mheadhain am brot cho dorch
Is thusa, uilc is a mhuirt is a shabaid
Na mo bheatha a h-uile oidhche
O luaidh be siod an gradh
A dh’fhag mi ceangailte ruit an drasda
Co shaoileadh an rud a dh’fhas
Bho phog aon oidhche earraich
An greim cho teann’s araid
Mar ord na mo dhorn
A ‘ghealach bha cho soilleir
‘S a gheall a leithid dhuinn
Bha sinn mar longan seolaidh
Air cuan buidhe og a ‘chridhe
Mu coinneamh clann an t-saoghil’s theaghlaich
Gun ghuth no gaire, Dia, no biadh
O luaidh be siod an gradh
A dh’fhag mi ceangailte ruit an drasda
Co shaoileadh an rud a dh’fhas
Bho phog aon oidhche earraich
Co as an dainig na reultan, thuirt mi
Co as an dainig grian
Tha sinn cho leointe fo na ghealach seo
Anam craidhte seachad air ifrinn fheinn
Ach tha thusa brosnalchadh nam bliadhnaichean
Le saidhbreas seachad air mo dhith
An t-oran gaoil m’fhaosaid chiontach fheinn
O luaidh be siod an gradh
A dh’fhag mi ceangailte ruit an drasda
Co shaoileadh an rud a dh’fhas
Bho phog aon oidhche earraich
O luaidh be siod an gradh
A dh’fhag mi ceangailte ruit an drasda
Co shaoileadh an rud a dh’fhas
Bho phog aon oidhche earraich